Baker Prize – 7 days to go ….

Niall Gordon, last year’s winner (Gaelic Poetry category)

Mi nam Eilean

Canar
nach eilean an duine:
ach dar leam gur h-e
mas e ‘s gu bheil e air a chuartachadh
le cuantan imcheist
is tuinn iomachomhairle
(gun luaidh air an iomaghaoithe fhèin)
‘s gum bi a dhìth air
daingeann a smuain fhèin
mar dhìon an aghaidh saoghal tìr-mòir –
as bith càite bheil sin.

‘S chan ann a-mhàin on àrainneachd mun cuairt
a thig cunnartan na beatha
agus iarmailt is talamh ann cuideachd.

Cò chanadh
nach gabh an duine a bhàthadh
fo bhuille chàich?

Chan eil e ann
air nach tèid dragh a chur
aig seasamh is claonadh chàich.

Sin an t-àm
a shireas duine
a thaobh fhèin
ga fhàgail
na eilean a-rithist.

Advertisements